Scotlands History

Dig for Victory

Bhrosnaich iomairt ‘Dig for Victory’ daoine gus gàrraidhean, pàircean agus raointean spòrsa a thionndadh nam feannagan airson glasraich fhàs. Bha an cearcan, an rabaidean agus an gobhair fhèin aig daoine cuideachd. Chaidh naoi ceud club mhucan a stèidheachadh agus chaidh mu 6000 muc àrach ann an gàrraidhean.

Bha fios aig an Riaghaltas gu faodadh sluagh Bhreatainn bàsachadh leis an acras nan tachradh casgadh mara; bha mòran den bhiadh a' tighinn a-steach bho Chanada is Ameireaga agus bha cunnart ann bho ionnsaigh leis a' chabhlaich Ghearmailtich. B' fheudar do Chabhlach Mhalairt Bhreatainn a dòighean atharrachadh, airson feachdan is armachd a ghiùlan.

Stèidhich Iain Raeburn (1912-2006), a rugadh an Obar Dheathain, iomairt 'Dig for Victory' nuair bha e na cheannard air Meur Planaichean Àiteachais aig Ministrealachd a' Bhìdhe.

Bha an t-Iarla Woolton, Ministear a' Bhìdhe, os cionn na h-iomairt, agus bhrosnaich i dìoghras an t-sluaigh tro chraolaidhean rèidio. Thug i aithne dhaoine gu ‘Dr Carrot’ agus ‘Potato Pete'. Dh’fhoillsich i postairean dealbhach ann an stèiseanan, ann am bùthan 's an oifisean; thaisbein i bileagan is reasabaidhean, maille ri òrain sgrìobhte is ràdhan, agus eadhon liostan de ‘bhiadh an-asgaidh’ air an dùthaich.

Dig! Dig! Dig!
And your muscles will grow big
Keep on pushing the spade
Don't mind the worms
Just ignore their squirms
And when your back aches laugh for glee
Just keep on digging
Till we give our foes a wigging
Dig! Dig Dig! for Victory!

Òran Dig for Victory

Bha an iomairt brosnachail is shoirbhich gu math leatha, le innleachdan malairt ùra.  

Bha fios gu feumadh an obair leantainn fada às dèidh a’ chogaidh; bha raiseanadh a' leantainn 's chaidh a ràdh ri sluagh Bhreatainn: ‘Na leigibh ur taic air ur spaidean, ach airson ùine ghoirid – sochair gach gàirnealair.’


  • 'Dig for Victory'
  • iomairt Cuideachd le buain ann an Alba - 'Dig for Victory' WWII

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Clann a' cuideachdadh le togail am buntata