Scotlands History

Trèanadh nan ‘Commandos’

Chaidh na ‘Commandos’ a stèidheachadh san Ògmhios 1940 mar thaic do na feachdan armaichte riaghailteach. Bha cuid dhiubh ceangailte ri Rèiseamaid nam Paraisiut no na Maraichean Rìoghail; bha feadhainn eile san t-Seirbheis Adhair Shònraichte (SAS) agus san t-Seirbheis Bhàta Shònraichte (SBS).

Bha iad gu h-àraidh an sàs ann an iomairtean neo-riaghailteach no annasach air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, ag obair gu dìomhair, gu tric rè na h-oidhche agus nam buidhnean beaga. Bha e fa-near dhaibh sgrios is milleadh a dhèanamh, agus na Gearmailtich a dho-mheanmnachadh. Thuirt Winston Churchill gur e ruagadh ‘marbhadh is teiche’ a bh' ann.

Bha na ‘Commandos’ nam pàirt de fheachdan ionnsaigh Arm Bhreatainn, 's mar sin dh’fheumadh iad a bhith air an deagh thrèanadh. Bha grunn ionadan-trèanaidh ‘Commando’ sa Ghàidhealtachd, a' faighinn buannachd bho fhearann doirbh airson fallaineachd is trèanadh le armachd, sgilean seòlaidh is sreap bheanntan.

Thug Colaiste Trèanaidh ‘Commando’ an Inbhir Aora trèanadh do 260,000 neach ann an sgilean muir-thìreach is cogail eadar 1940 agus 1944. Aig Loch Aileart, faisg air a’ Ghearastan, thug ‘Sgoil Neo-riaghailteach Chogail’ bheag trèanadh don chleasaiche Daibhidh Nibhein, am measg fheadhainn eile.

Aig Caisteal Achadh na Cairidh, faisg air Drochaid Spiothain bha an t-ionad-trèanaidh a' sgaoileadh 30 mìle gu Cnòideart. Bha 250,000 acair ann airson trèanadh le armachd spreadhaidh, gunnachan is sginean, sabaid dhlùth agus di-armachadh naimhdean.

Bheir taigh-tasgaidh beag ‘Commando’ aig Drochaid Spiothain sealladh dhuinn air pàirt den trèanadh cogaidh seo. Chithear an Cuimhneachan ‘Commando’ samhlachail seo air cnoc os cionn Drochaid Spiothain.

’United we Conquer’ In memory of the officers and men of the Commandos who died in the Second World War 1939-1945. This country was their training ground.

Commando Memorial, Spean Bridge

 

  • dealbh de Cuimhneachan na Commandos

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.