English
Rè oidhcheannan 13 is 14 Màrt 1941, thug bomairean Gearmailteach ionnsaigh air factaraidhean armachd agus gàrraidhean shoithichean Taobh Chluaidh. Bha 260 bomair ann a' chiad oidhche; chaidh bomaichean spreadhaidh, bomaichean theintean agus mèinnean-tìre a leagail ann an naoi uairean a thìde. Chaidh sràidean a lèir-sgrios, bha teintean air bhoil, agus bha daoine glacte ann an togalaichean leagte.
Bha am bàta-sgrios Pòlainneach ‘ORP Piorun’ fo cheannas a' Chomanndair Eugeniusz Plawski aig gàrradh shoithichean Iain Dhuinn airson a càradh. Thàinig i a dhìon Bruach Chluaidh, a’ losgadh urchairean eagalach air an Luftwaffe. Chithear cuimhneachan do sgioba a' bhàta ann an 'Solidarity Plaza', Bruach Chluaidh.
Air 14 Màrt, agus obair teasairginn a' leantainn, thill 200 bomair; mhair an ionnsaigh còrr air seachd uairean a thìde gu leth. Rè nan dà latha chaidh 528 de mhuinntir an àite a mharbhadh, chaidh còrr air 617 a dhroch leòn, agus chaidh grunn sgeamachan thaighean a sgrios, chaill 48,000 an dachaighean, chaidh mòran dhiubh a bha ag obair sa ghàrradh shoithichean agus an teaghlaichean gu teanamantan Bhruaich Chluaidh.
Tha misneachd shuidhichte, bhuan nan daoine follaiseach, agus nuair dh’innsear eachdraidh an gaisgeachd an aghaidh an Luftwaffe, bidh ìnbhe aca co-ionann ri muinntir Lunnainn is Choventry.
‘Glasgow Herald’, 18 Màrt 1941
Thuirt fiosrachadh bhon riaghaltas às dèidh a’ chogaidh: ‘Bha a h-uile duine ag aontachadh gun robh giùlan sluagh Bhruaich Chluaidh ionmholta.’
Mar a thachair an Lunnainn, cha do bhris Bliots Bhruaich Chluaidh spiorad nan daoine.
Air 14 Màrt 2009 chaidh cuimhneachan don 528 de mhòr-shluagh na h-Alba a chaill am beatha rè Bliots Bhruaich Chluaidh fhoillseachadh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar. Tha ainmean nan daoine a bhàsaich sgrìobhte air pleit umha.
Tha Cuimhneachan a' Bhliots, Seann Chladh Dhalnotair, Bruach Chluaidh, ag ràdh: ‘Coisrigte do chuimhne dhaoine Bhruaich Chluaidh a chaill am beatha ann an ionnsaigh naimhdeil sa Mhàrt 1941’.
Find us on