English
Sia seachdainean an dèidh toiseach an Dàrna Cogaidh, air 16 Dàmhair 1939, thachair a' chiad ionnsaigh adhair os cionn Bhreatainn, aig Linne Fhoirthe.
Ghabh naoi pleunaichean pàirt san ionnsaigh, agus thuig an sgiobaidhean gu luath nach deigheadh na bomairean aca na b' fhaide. Chuir an ionnsaigh làn iongnadh air luchd-dìon Bhreatainn. Cha robh fuaim rabhaidh ann, agus bha iomagain mhòr ann mun t-siostam rabhaidh.
Bha gunnairean bacadh-ionnsaigh-adhair an sàs ann an drile-ghunnachan aig an àm, agus b' fheudar dhaibh armachd bheò a chur an sàs nuair nochd na pleunaichean Gearmailteach gu h-àrd. B' iad soithichean na Cabhlaich Rìoghail agus ionad Rois-suidhe air an robh na Gearmailtich ag amas. Rinn iad milleadh air trì bàtaichean: am bàta-sgrios ‘HMS Southampton’ agus dà chùrsair, ‘HMS Mohawk’ agus ‘HMS Edinburgh’. Bhàsaich 16 bhon Chabhlaich Rìoghail agus chaidh 44 eile a leòn, ged nach deach am fiosrachadh seo a sgaoileadh don t-sluagh aig an àm.
Chaidh ‘Supermarine Spitfires’ bho ‘603 Squadron Cityoif Edinburgh’ a chur an sàs gu luath bho Phort-adhair Turnhouse, agus cuideachd ‘602 Cityof Glasgow Squadron’, stèidhichte aig Drem an Lodainn an Ear. Leag iad dà ‘Heinkel’ don Linne agus bomair faisg air Eilean Mey. Thog bàt’-iasgaich ionadail dithis Ghearmailteach. B' iad sin na ciad phleunaichean naimhdeil a chaidh a leagail os cionn Bhreatainn.
Ged nach deach amas air Drochaid Rèile Fhoirthe san ionnsaigh seo, bha dùil aig mòran a bha a' siubhal air trèana aig an àm gum b' iadsan an targaid.
Find us on