English
Gu traidiseanta, mus robh a' Chiad Chogadh ann, bha boireannaich air an cumail air falbh bho bheatha phoblach. Dh'fheumadh boireannaich phòsta a bhith ag obair anns an dachaigh. Bha na sufrateatan direach ag iarraidh gu faigheadh boireannaich air bhòtadh dìreach mar a dh’fhaodadh na fireannaich
Bha na laghan gu tur a' cuideachadh nam fireannach.
Còmhla ri feadhainn eile, bha Elsie Inglis (1864-1917) fiadhaich mar a bha cùisean cho mì-cheart agus chuir i am buidheann seo air chois - Buidheann Bhan Shufrateat na h-Alba ann an 1906. Bha i ag iarraidh a bhith na dotair ach chan fhaigheadh i air adhart gus am biodh cothrom aig na boireannaich an ceum seo a ghabhail. Chaidh Flòraidh Dhruimineach, a bha a' ruith oifis a' phuist a chur don phrìosan naoi turais airson nan rudan a bha i a' dèanamh mar aon de na ceannardan bu bheòthaile air a' bhuidheann Aonadh Sòisealta agus Poilitigeach nam Ban.
Dh'atharraich gu leòr de rudan ann an Alba air sgàth oidhirpean a' chogaidh. Bha boireannaich a' sealltainn cho feumail 's a bha iad le bhith dol dha na buidheannan Feachd Fearann nam Ban agus Buidhnean Cuideachaidh Saor-thoileach. Bha mòran dhiubh ag obair ann am factaraidhean far an robh armachd air a dhèanamh. 'S e ‘munitionettes’ an t-ainm a bha aca orra. Bha mòran eile ag obair ann an innealachdas, a' dràibheadh bhusaichean, no charbadan-eiridinn agus mar nursaichean aig an taigh agus aig a' bhlàr-chogaidh.
Ann an 1915 chuir uachdrain gun thruas suas am màl air na taighean faisg air na gàrraidhean-iarainn agus na factaraidhean-armachd. Sheas boireannaich Phartaig agus Bhaile Ghobhainn an aghaidh sin. Bha Eilidh Crawford air an ceann agus air sgàth na sabaid a rinn iad chaidh an t-àrdachadh a stad le Achd a' Mhàil. Bha na boireannaich air ceum air adhart a ghabhail gu sòisealta.
Ann an 1918 chaidh siostam airson bhòtadh atharrachadh le Achd Riochdachadh nan Daoine. Fhuair boireannaich thairis air 30 agus fireannaich thairis air 21 cothrom bhòtadh agus airson a' chiad uair b' urrainn do bhoireannaich seasamh airson dhol don Phàrlamaid.

Cleachd an goireas seo gus ionnsachadh mu mar a rinn boireannaich iomairt airson còthrom bhòtadh a ghlèidheadh.
Faigh barrachd eòlais air na rinn na sufrateatan le na criomagan bhideo sonraichte seo bhon BhBC.
Find us on