English
Ann an 1901, ghabh Rìgh Eideard VII (1841-1910) a-null bhon mhonarc a b' fhaide a bha a' riaghladh ann am Breatainn, a mhàthair Banrìgh Bhictòria. 'S e Prionnsa na Cuimrigh a bh' ann fad 60 bliadhna agus bha na naoi bliadhna bha e a' riaghladh mar dheireadh air an àm Bhictòriach. A dh'aindeoin sin, 's e thug ainm dha na h-Eideardaich agus bha àm nan Eideardach na àm sònraichte airson fasan agus stoidhle mhòr.
'S e ealain ùr a bha anns an fhasan. Thàinig obair an ailtire Teàrlach Rennie Mac an Tòisich (1868-1928) gu aire dhaoine. Cha b' fhada gus an robh an Sgoil Ealain Ghlaschu aige na togalach Eideartach ainmeil. Thachair sin cuideachd le Sgoil Sràid Alba, agus Taigh a' Chnuic ann am Baile Eilidh.
Bha siostam a' chlas fhathast gu math làidir. Cha robh taighean an luchd-obrach ach glè bhochd. Bha tinneasan a' sgaoileadh, gu sònraichte a' chaitheamh, air sgàth gu robh cus dhaoine anns na taighean. Cha robh dùil gum biodh daoine beò fada. Bha na bu lugha de stàilinn ga dèanamh agus bha mèinnichean-guail a' dùnadh. Thachair seo air sgàth mar a theab cuid de na gàrraidhean-iarainn air Abhainn Chluaidh dùnadh le dìth airgid an dèidh stad a chur air a bhith a' togail bhàtaichean-chogaidh. Mar a chaidh cùisean sìos gu h-econamach thòisich aimhreit agus buaireadh poilitigeach.
'S e Albannaich a bha ann an dithis de na prìomhairean a bha aig Eideard VII, an Tòraidh, Artair Balfour, bho 1902 gu 1905 agus an Libearalach, Eanraig Caimbeul-Bannerman bho 1905 gu 1908. An uair sin dh'fhàs cumhachd a' phàrtaidh-dhùbhlanaich, Na Làbaraich Neo-Eisimeileach (ILP) agus cuideachd dh'fhàs an cumhachd aig buill pàrlamaid mar Seumas Keir Hardie (1856-1915) agus Ramsaidh MacDhòmhaill (1866-1937).
Find us on