English
'S e cnap mòr de chloich-ghainmhich dhearg a tha ann an Clach a' Crùnaidh le sgrìoban sgeilbe air a mullach, agus tha cuid den bheachd gur e seo Clach an Dàin.
Bhathar ag ràdh gu robh an Naomh Colm Cille, ga cleachdadh mar altair-siubhail. Fad linntean nuair a bha rìghrean na h-Alba gan crùnadh bhiodh iad a' suidhe air a' Chloich.
Chaidh a' chlach a goid à Abaid Sgàin ann an 1296 leis an Rìgh Eideard I, à Sasainn, ‘Fear-bualaidh Nan Albannach’. Chan eil e soilleir an e sin dha-rìribh Clach Sgàin.Tha i coltach ris a' chloich-ghainmhich ionadail. Chaidh a' Chlach a chur ann an suidheachan fiodh, Cathair an Naoimh Eideard, ann an Abaid Westminster, ann an Lunnainn.
Ann an 1950 bha nàiseantachd ag ath-bheothachadh ann an Alba agus chaidh ceathrar oileanaich Albannach sìos gu Lunnainn agus chaidh iad a-steach dhan Abaid tràth madainn na Nollaige agus thug iad leotha a' Chlach a bha fo rìgh-chathair a' chrùnaidh. Thuit i agus bhris i na dà leth. Chuir iad a' Chlach a dheireadh a' chàir agus thug iad air ais a dh'Alba i ged bha bacaidhean-rathaid ann agus poilis a' sireadh.
Mì-dhiadhachd aig Westminster! Eucoir eagalach agus uabhasach
An Times, Dùbhlachd 1950.
Cha d' fhuair na poilis a' Chlach agus chaidh còrdadh a dhèanamh: dh’fhàgaist i aig Abaid Obar Bhrothaig, ionad an Dearbhaidh ainmeil 1320, le bratach na h-Alba timcheall oirre. Thuirt Rùnaire na Dachaigh nach robh an sluagh ag iarraidh an ceathrar oileanaich à Oilthigh Ghlaschu, a ghoid a' Chlach a thoirt gu lagh, Iain Hamilton, Ailean Stiùbhart, Gabhainn Vernon agus Kay NicMhathain.
The Dean o’ Westminster was a powerful man
He held a’ the strings o’ the State in his hand
But wi’ a’ his great business it flustered him nane
When some rogues ran away wi’ his wee magic stane
Wi’ a too-ra-li-oo-ra-li-oo-ra-li-ay...
Pìos bho 'The Wee Magic Stane', Johnny McAvoy
Chaidh a' Chlach thoirt air ais gu Abaid Westminster mus do chrùnadh Banrigh Ealasaid ann an 1953. Air Latha an Naoimh Aindrea 1996 chaidh a toirt air ais gu Alba ach thèid i sìos a-rithist ma bhios crùnadh aig Westminster. Tha i an-dràsta ri faicinn ann an Caisteal Dhùn Èidinn ri taobh Nithean Urramach na h-Alba.
B' e càraid òg anns an Ford Anglia agus blas Albannach air an cainnt an t-aon fhìor fhianais a bha aig na poileis mu na meirlich a thug a' chlach leotha. Leugh mu mar a bhathar a' sireadh Iain Hamilton agus Kay NicMhathain, leis a' ‘Ghuardian’.
Thugadh Clach an Dàin gu Abaid Obar Bhrothaig, trì mìosan gu leth às dèidh a gluasad. Leugh mun tachartas ann an artaigealan naidheachd agus a' chlach ga toirt gu àite cho samhlachail.
Tràth madainn na Nollaig 1950, ghoid ceathrar Nàiseantaich Albannach clach an dàin à Abaid Westminsteir. Dèan ath-choileanadh air an euchdan air an oidhche chudromach sin le pìos bho chuimhneachan an ceannaird Iain Hamilton, ‘No Stone Unturned’.
Còrr air 50 bliadhna às dèidh làimh, chaidh film Hollywood a dhèanamh mu euchd dhàna nan ceathrar oileanach Nàiseantach. Leugh agallamh rin ceannard Iain Hamilton, a tha a-nis còrr air 83 bliadhna a dh’aois, agus ionnsaich mar tha e fhathast uasal às na rinn e.
Find us on