Scotlands History

Gnìomhachas stàilinn

Bha rudan ag atharrachadh ann an gnìomhachas stàilinn Bhreatainn agus thàinig 90% de obraichean stàilinn Bhreatainn còmhla mar aon bhuidheann, Buidheann Stàilinn Bhreatainn. Thachair seo fo Achd Iarainn agus Stàilinn 1967. Mar seo dh'fhiach an riaghaltas ri òrdugh a chur air obair stàilinn.

'S e Ionad Stàilinn Ravenscraig ann an Lannraig a Tuath a bha aig meadhan a' ghnìomhachais ann an Alba, air a ruith leis an riaghaltas. Bha a h-uile pàirt de obair stàilinn ga dhèanamh agus 's e àite mòr bha ann faisg air Tobar Na Màthar agus Wishaw. Bha e a' dèanamh an iarainn aige fhèin ann an àmhainnean-blast, a' losgadh gual Albannach; bha mèinn-iarann a' tighinn bho dhùthchannan eile gu ionad a chaidh a thogail aig cìdhe Hunterston. Thàinig sruthadh-aoil bho roinn den chompanaidh aig Shap ann an Westmorland.

'S e Ravenscraig an t-àite bu mhotha air taobh siar na Roinn Eòrpa a bha a' dèanamh sliosan-teth stàilinn. Bha seo air a dhèanamh aig Gartcosh. Bha iad cuideachd a' dèanamh leacan stàilinn do Obraichean Dalziel, muileann phleit a bha a' cur stuth a-mach aison bàtaichean a thogail agus airson chlàran-ola bho thìr.

Chaidh Stàilinn Bhreatainn a dhèanamh prìobhaideach ann an 1988 le na Tòraidhean agus Mairead Thatcher air an ceann.

Dhùin Ravenscraig ann an 1991 oir bha e cosgail stàilinn a dhèanamh oir bha na bu lugha de iarrtas ann, bha margadh fhosgailt ann agus co-fharpais bho thall thairis. B' e a-nis a' phàirc dhonn bu mhotha anns an Roinn Eòrpa còmhla ri bhith na àite truagh gu sòisealta agus gu h-eaconamacach ann an iar-mheadhan Alba.


  • Image of Ravenscraig Rolling Mill

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Industrial Britain