English
Anns na 1980an chaidh am farainm Gleann Shilicoin a thoirt air meadhan Alba. Tha e coltach ri Gleann Shilicoin, am prìomh àite airson hi-teic anns na Stàitean Aonaichte, timcheall air Gleann Santa Clara ann am Bàgh San Francisco, ann an California. Thòisichear a' cleachdadh an fhacail Ameireaganaich ann an 1971 airson na h-àireimh mòire de dhaoine bha a' cruthachadh agus a' dèanamh sgealban silicoin anns an dà àite.
Mar a bha na seann ghnìomhachasan trom traidiseanta a' crìonadh agus mìltean gun chosnadh ann an togail bhàtaichean, stàilinn is mèinnichean, bha obair ann an eleactronaigs agus teicneòlas-fiosrachaidh a' fàs. Bha Buidheann Leasachaidh Alba air a stèidheachadh ann an 1975 airson fàs a thoirt air an eaconamaidh le bhith a' dèanamh àitean na bu fhreagarraiche airson obraichean. Ann an 1994 dh'atharraich an t-ainm gu Iomairt Alba. Bha airgead ann do chompanaidhean a thigeadh a dh'Alba. Bha àite aig na h-oilthighean cuideachd anns na h-oidhirpean sin.
Cha do thachair Gleann Shilicoin ann an aon latha. Thòisich seo le companaidhean mar Ferranti ann an Dùn Èideann ann an 1943 agus le NCR, Honeyman, Burroughs agus IBM a' tòiseachadh aig deireadh nan 1940an agus toiseach nan 1950an. Anns na 1980an bhathar a' dealbh ‘semi-conductaran’ agus ‘integrated siorcatan’ ann an tomhasan mhòra aig Gleann Rathais agus àitean eile. Anns na 1980an, nuair a bha an obair aig an ìre a b' àirde aig Gleann Shilicoin, bha 30% de na PCan, 80% de stèiseanan-obrach agus 65% de ATMs san Roinn Eòrpa air an dèanamh ann. An-diugh tha barrachd ga dhèanamh air bathar-bog, dealbhan agus rudan ùra eleactronaigeach agus seirbhisean air feadh an t-saoghail.
Tha seo mar ghluasad air falbh bho bhith a' dèanamh rudan, gu gnìomhachas airson airgead a dhèanamh. Gheibh thu fhathast IT, teicneòlas-nano agus saidheansan-beatha anns na lannan-rannsachaidh, pàircean-saidheans agus ann an campasan Ghleann Shilicoin.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Bho na 1970an gu deireadh nan 1990an, bha àite mòr aig meadhan na h-Alba ann an gnìomhachas eileagtronaigeach an t-saoghail. Faigh a-mach dè thachair do Ghleann Shilicoin, an 'Silicon Valley' aig Alba.
Rannsaich carson a dh’fhàilig Gleann Shilicoin mar mhòr-ionad gnìomhachais Alba agus faigh a-mach ciamar a tha e a' dol fhathast ann an caochladh dhòighean.
Find us on