English
Ro dheireadh nan 1950an bha na gàrraidhean-shoithichean thall-thairis (mar Coiria agus Iapan) a' togail bhàtaichean na bu shaoire na bha gàrraidhean ann an Alba. A thuilleadh air a bhith a' faighinn airgead bhon riaghltas bha dòighean ùra aca airson a bhith togail nam bàtaichean agus dealbhachadh ùr.
Ann am meadhan nan 1960an bha droch chàirdeas agus mòran stailcean anns na gàrraidhean. Le sin cha robh prothaid ga dhèanamh ann an gàrraidhean Bhruaich Chluaidh. Dhùin gàrradh Harland & Wolff aig Linthouse agus bha gàrradh Fairfield ann am Baile Ghobhainn a' ruith a-mach à airgead.
Airson cùisean a chuideachadh chuir an riaghltas air chois Luchd Togail Bhàtaichean Chluaidh (UCS) ann an 1968 le timcheall air 8,500 luchd-obrach ann an còig gàrraidhean - Fairfield's agus Stephens deas air an abhainn, Connel's agus Yarrow's aig tuath agus John Brown's aig Bruaich Chluaidh.
Ruith UCS a-mach à airgead ann an 1971 agus cha tugadh an riaghaltas iasad dhaibh. Thòisich na h-aonaidhean, le Jimmy Reid agus Jimmy Airlie air an ceann, air ‘work-in’ airson gun crìochnaicheadh iad na h-òrdughan. Fhuair seo taic agus cuideachadh bho air feadh an t-saoghail. Thuirt Pròbhaist Bhruaich Chluaidh gu robh an riaghaltas a' feuchainn ri rud a dhèanamh nach b'urrainn na Gearmailtich a dhèanamh anns a' chogadh.
Anns a' Ghearran 1972 dh'atharraich riaghaltas Heath an inntinn agus chum iad dà ghàrradh fosgailt, an-diugh air an ruith le Siostaman BAE: Yarrow's aig Scotstoun agus Fairfield's aig Baile Ghobhainn
Tha iad a' togail bhàtaichean le teicneòlas adhartach. Far an robh gàrradh John Brown chì thu crànn Titan 800 tonna a tha mar chuimhneachan air no soithichean mòra agus na bàtaichean-cogaidh a chaidh a dhèanamh an sin.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Find us on