English
Bho na 1910an gu na 1930an bha Glaschu, Pàislig, Grianaig agus Bruaich Chluaidh air am faicinn mar àitean a bha teth le beachdan agus casaidean Shòisealaich.
Bha daoine a' bruidhinn a-mach an aghaidh a' Chiad Chogaidh. Airson sabaid an aghaidh mar a bha am màl a' dol suas cho mòr, bha stailcean gan tòiseachadh 's cha robh am màl ga phàigheadh. Anns an Ògmhios 1916 chuir Eilidh Craford, a bha na ceannard air na stailcean, air chois Oidhirp Sìth Nam Ban, a bha a' cur an aghaidh a' chogaidh.
Dhiùlt 25,000 thaighean am màl a phàigheadh agus bha ceudan de dhaoine a' tighinn a-mach ach a stadadh iad daoine bho bhith gam fuadach às na dachaighean. Bhon bha na stailcean ann thàinig air an riaghaltas Achd Cuingealachadh a' Mhàil a chur troimhe ann an cabhaig. Dh'fheumadh am màl a-nis a bhith dìreach mar a bha e ron chogadh.
Mar cheannardan air Taobh Chluaidh Dearg bha Iain MacGilleathain, Màiri Balfour, Agnes Dollen, Eilidh Craford, Daibhidh Kirkwood agus Seonàid Stephens.
Chan eil mi ag iarraigh cron a dhèanamh air duine, ach mar aon duine tha mi a’ dol a bhruidhinn a-mach, oir faodaidh mi sin a dhèanamh. Chan eil duine anns an t-saoghal, no san riaghaltas, a' dol a thoirt bhuam còir bruidhinn a-mach, sabaid an aghaidh rudan a tha ceàrr, agus a h-uile càil a dhèanamh airson math dhaoine - Iain MacGilleathain 1918.
Air 31 Faoilleach 1919 choinnich cruinneachadh mòr dhaoine ann an Ceàrnag Sheòrais an Glaschu. Bhathar a' smaoineachadh gu robh mu 90,000 de fhireannaich agus bhoireannaich an sin airson cuideachadh leis an t-sabaid airson obair 40 uairean san t-seachdainn agus cùisean na b' fheàrr dhan luchd-obrach. Chaidh a' Bhratach Dhearg a thogail suas am measg nan daoine. Leugh na poilis Achd na h-Ùpraid agus thugar ionnsaigh air ceannardan na stailce. Chaidh tancaichean agus saighdearan a thoirt a-steach a Ghlaschu oir bha eagal air an Riaghaltas gu robh na casaidean a' dol a thionndadh gu ar-a-mach.
Ann an 1922 aig an Taghadh chaidh cuid de Dhaoine Dearga Taobh Chluaidh a thaghadh gu Taigh nan Cumantan, nam measg Daibhidh Kirkwood, Seumas Maxton, Iain Wheatley agus Emanuel (Manny) Shinwell.
Fiosrachadh is ìomhaighean mu phrìomh dhaoine agus thachartasan gluasad ‘Red Clydeside’.
Leugh pìosan den òraid mhòir a rinn an gnìomhaiche sòisealach Iain MacIllEathain san doca aig Àrd Chùirt Dhùn Èidinn, mus deach a chur don phrìosan airson buaireas ann an 1918.
Ionnsaich mu àite mhnathan ann an ‘Red Clydeside’ agus mar a bha buaidh aig mnathan follaiseach air cùisean tro artaigealan, ceòl agus ìomhaighean bho Thasglannan Oilthigh Chaledonia Ghlaschu.
Find us on