English
Anns an 19mh linn air fad agus sa chiad leth den 20mh linn bha taighean ann an Alba gu math truagh. Bha slumaichean uabhasach anns na bailtean mòra. 'B e Glaschu bu mhiosa, am baile bu mhotha an Alba. Bha trioblaidean air a bhith ann o chionn fhada le cus dhaoine, salchair agus taiseachd anns na taighean. Ann an 1945 rinn an cogadh sin na bu mhiosa. Bha feum mhòr air dèiligeadh ris a' chùis. Ron chogadh bha taighean mòra air talamh uaine gan togail gu oirean nam bailtean mòra. Chaidh àitean mar Knightswood, Pollock, Mosspark ann an Glaschu, Pilton agus Sighthill ann an Dùn Èideann agus Downfield ann an Dùn Dè a thogail.
Aig deireadh nan 1940an agus toiseach nan 50an bha sgeamaichean mhòra air an cur riutha mar Drumchapel, Easterhouse, Castlemilk ann an Glaschu agus Muirhouse, Craigmiller agus Niddrie ann an Dùn Èideann. Ann an ùine ghoirid bha iad a' smaoineachadh gu robh iad ro fhada a-mach as a' bhaile agus nach robh goireasan gu leòr aca. Cha robh dìth thaighean air a chur ceart ach bha a' chùis na b' fheàrr airson ùine.
B e bha anns na bailtean ùra ach oidhirp mhath air taighean a thoirt do dhaoine. Uaireannan b e bailtean ‘a’ chur-thairis’ a chante riutha oir bha daoine a' tighinn annta às na bailtean mòra. B e Cille Bhrìde an Ear a' chiad fhear air an deach tòiseachadh ann an 1947. An-diugh 's e an sìathamh baile as motha an Alba le 70,000 duine. Bha taighean terrais ann am buidhnean ann. Bha obraichean air an tarraing a-steach dhan àite mar Oifisean nan Cìsean agus Roinn Leasachaidh Eadar-nàiseanta. Fhuair e am farainm ‘Polomint City’ leis na bha de chearcaill air na rathaidean.
B e Gleann Rathais ann am Fìobha, an dara baile ùr. Chaidh tòiseachadh air ann an 1948 agus an-diugh tha 40,000 duine ann. Fhuair am baile air adhart gu math anns na 1970an nuair a ghabh e àite Chupair mar bhaile siorrachd Fhìobha. Bha e ann am meadhan ‘Gleann Shilicoin’ le gu leòr obraichean eileagtronaigeach air an tarraing a-steach dhan bhaile. B’ e Comar nan Allt (1955) Dùn Lèibhe (1962) agus Irbhinn (1966) na bailtean ùra eile. Chaidh pròiseact airson an t-sìathamh baile ùr aig Stonehouse ann an Lannraig a Deas a stad ann an 1976 agus ann an 1993 chaidh Comann Leasachaidh Bhailtean Ùra na h-Alba a chur ma sgaoil.
De na còig is dòcha gur e Irbhinn a b' eu-coltaiche ri baile ùr. Air leth bhon fheadhainn eile, dh'èirich e an àirde à dà sheann bhaile. Bha Irbhinn air a bhith na bhaile rìoghail bho 1372 agus 's e àite bho na meadhan-aoisean tha ann an Cill Bhinnig a bha timcheall air seann abaid a' dol air-ais gu 1160. Tha Irbhinn cuideachd ri taobh na mara le acarsaid far a bheil obair a' dol air adhart fhathast. Sin far a bheil Taigh Tasgaidh Mara na h- Alba.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Find us on