English
Tha Alba agus a' Phòlainn air a bhith càirdeil bho co-dhiù an 15mh linn. Bha luchd-malairt, ceannaichean agus saighdearan na h-Alba a' siubhal do Phòlainn. Mu 1600 bha timcheall air 30,000 de Albannaich (mòran à Obar Dheathain agus Dùn Dè) a' fuireach anns a' Phòlainn. Rinn an ceannaiche Albannach Raibeart Gordon fhortan ann an Gdansk mus do stèidhich e Oilthigh Raibeart Gordon ann an Obar Dheathain.
B' leth Phòlainneach a bh' ann am màthair a' Phrionnsa Theàrlaich. B' i a mhàthair Clementina Sobieski, iar-ogha Jan Sobieski, Rìgh na Pòlainn.
Bho dheireadh na 19mh linne gu toiseach a' Chiadh Chogaidh thàinig mòran de Phòlainnich gu Alba a dh'obair. Fhuair a' mhòr-chuid obair anns na mèinnichean no far an robh iarann agus stàilinn gan dèanamh. Bha coimhearsnachdan Phòlainneach a' dèanamh gu math ann am bailtean beaga agus mòra ann an Inbhir Àir, Siorrachd Lannraig agus ann an Glaschu.
Rè an Dàrna Cogaidh bha deichean de mhìltean de Phòlainnich ann an Alba. Chluinneadh thu tancaichean Pòlainneach ann an Haddington, Lodainn an Ear agus bha plèanaichean Pòlainneach a' sabaid anns an adhar. Bha Nèibhidh na Pòlainn a' sabaid ri taobh a' Chabhlaich Rìoghail. Aig Bliots Bhruaich Chluaidh bha ORP Piorun, bàta-cogaidh Pòlainneach, a' dìon nan gàrraidhean-iarainn air Abhainn Chluaidh le bhith a' losgadh suas air na bomairean Gearmailteach. Dh'fhuirich timcheall air 10,000 de Phòlainnich ann an Alba às dèidh an Dara Cogaidh.
An-diugh tha ginealach ùr de Phòlainnich a' tighinn a dh'fhuireach ann an Alba. Bho thàinig a' Phòlainn a-steach dhan Aonadh Eòrpach ann an 2004 tha mòran dhiubh air a thighinn a dh'fhuireach agus a dh'obair ann an Alba.
Find us on