Scotlands History

Mòr-thubaist Piper Alpha

'S e clàr-ola mòr ceangailte air raon-ola Piper 193km an ear-thuath air Obar Dheathain a bha ann am Piper Alpha. Bha e a' cur a-mach ola amh ach dh'atharraich sin gu gas bho 24 de thobraichean, a' dol tro phìoban fon mhuir gu ionad-ola Flotta ann an Arcaibh.

Bha beachd ann gun robh an t-atharrachadh gu gas na adhbhar mòr airson na tubaist air 6 Iuchar 1988. Chaidh an clàr-ola a thogail an toiseach airson ola. Sheasadh na ballachan-teine ri teine ach cha sheasadh ri spreadhadh. Bha gas a' tighinn a-mach à pìob-chòmhla nach robh dìonach gu leòr, agus rinn seo teine is connadh ùr a' tighinn thuige bho phìoban bha air an sgàineadh, a bha a' ceangal chlàran Tartan agus Claymore.

Lìon bàlla-teine mòr Piper Alpha - leagh innealan agus stàilinn agus chan fhaigheadh daoine air falbh air na bàtaichean-sàbhalaidh agus na heileacoptaran. Chaidh an t-àite-fuirich a bha air a dhìon bho theine, le luchd-obrach na bhroinn, sìos dhan mhuir còmhla ris a' chòrr den chlàr-ola.

'S e Piper Alpha fhathast an tubaist bu mhiosa thachair air clàr-ola a-muigh aig muir. Bha 226 duine air a' chlàr; bhàsaich 165 duine; bhàsaich dithis den luchd-sàbhalaidh agus cha deach 30 corp a lorg a-riamh.

Anns an t-Samhain 1988 thòisich Rannsachadh Cullen airson lorg dè a b' adhbhar don an tubaist. Rinn iad còrr air 100 moladh airson rudan atharrachadh agus an dèanamh na bu shàbhailte anns a' Chuan a Tuath.

Chithear cuimhneachan snaidhte Piper Alpha sa Ghàrradh Ròis ann am Pàirc Hazlehead ann an Obar Dheadhain. Ann an caibeal obair na h-ola, ann an Eaglais an Naoimh Nicholas, ann an Obar Dheadhain, tha uinneag le dealbhan mar chuimhneachan air Piper Alpha.


  • Image of the Piper Alpha Memorial Window, Oil Industry Chapel, St. Nicholas' Kirk, Aberdeen

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.