English
Anns na 1960an, mar a bha obair a' ghuail crìonadh bha cumhachd niùclasach air fhaicinn mar dhòigh air cumhachd fhaighinn agus sin ann an dòighean eadar-dhealaichte. Chan eil e a' truailleadh mar a tha connadh fosail agus chan eil gasaichean taigh-gloinne na lùib.
Ro 1960 bha dà ionad cumhachd niùclasach ann an Alba. Dh'fhosgail Dun Rath ann an Gallaibh ann an 1955 far na rinneadh a' chiad phrògram frith-ghluasadach niùclasach ann am Breatainn airson dealan don ghriod mhalairteach. Dh'fhosgail Chapelcross, faisg air Annan, ann an 1959 airson stuth air a dhèanamh do armachd niùclasach Bhreatainn agus airson cumhachd a thoirt don Ghriod Nàiseanta.
Ann an Siorrachd Àir, dh'fhosgail Hunterston A ann an 1964, aon de na stèiseanan cumhachd niùclasach bu mhotha na latha. 'S e Hunterston B, a dh'fhosgail ann an 1976, agus a tha ag obair fhathast, le frith-ghluaistear adhartach air fhuarachadh le gas agus Torness ann an Lodainn an Ear, a dh'fhosgail ann an 1988, na dhà a tha air fhàgail den dara buidheann de ionadan niùclasach. Tha còrr air leth de chumhachd na h-Alba a' tighinn bho chumhachd niùclasach.
Bho thùs tha cumhachd niùclasach air a bhith connspaideach. Tha mòran dhaoine air a bhith a' sabaid an aghaidh a bhith a' togail ionadan cumhachd niùclasach ann an Alba.
Tha trod a' dol fhathast mu shàbhailteachd le sgudal, buaidh air an àrainneachd agus cho cosgail 's a tha e stèisean a dhùnadh.
Anns an 21mh linn tha an t-sabaid a' nochdadh a-rithist agus iarrtasan ann airson ginealach ùr de stèiseanan niùclasach a thogail.
Chan eil thu a' tuigsinn Niùclach? Oibrich tron fhilm eadar-oibre seo airson stiùireadh, ceum air cheum, fhaighinn mu shruthadh lùiths mun cuairt air stèisean cumhachd.
Cùis chudromach ann an lùths Breatannach an-diugh, rannsaich buannachdan is neo-bhuannachdan cumhachd niùclach leis an stiùireadh seo bhon BhBC. Le beachdan a' phobaill, beachdan eòlaichean agus 's dòcha roghainnean lùiths eile.
B' e am Frith-ghluaistear Roi-shamhla Luath do Dhùn Rath, an ceann a tuath na h-Alba, an aon fhear a chaidh a thogail a-riamh am Breatainn. Leugh carson ann an 1966, a bhathar den bheachd gum b' e am frith-ghluaistear ùr seo an dòigh a b' èifeachdaiche air cumhachd dealain fhaighinn agus dè thachair do chumhachd niùclach ri teachd.
Rannsaich na h-argamaidean air taobh agus an aghaidh ginealach ùr de stèiseanan cumhachd niùclach Breatannach agus dè tha seo a' ciallachadh do amasan àrainneachd an riaghaltais agus Atharrachadh Aimsir.
Tha Hunterston B air a bhith ag obair mar stèisean cumhachd niùclach an Siorrachd Àir, Alba bho 1976. Chaidh ùine 5 bliadhna eile a thoirt dha. Faigh a-mach carson, agus ionnsaich tuilleadh mu chleachdadh fhrith-ghluaistearan agus mu shàbhailteachd obair stèiseanan cumhachd.
Find us on