Scotlands History

Ola a' Chuain a Tuath

Suas gu na 1960an bha ola Bhreatainn gu lèir a' tighinn bho thìrean eile agus bha seo gu math cosgail. Ann an 1964 thàinig Achd Sgeilp Chontinental Bhreatainn UK a-steach agus thug Breatainn seachad ceadan airson rannsachadh anns a' Chuan a Tuath. Bha a' chiad tobar air a tholladh ann an 1967. Chaidh a' chiad tobar le tòrr ola a lorg le AMOCO ann an 1969 ann an Raon a' Mhonaidh Rois. Chaidh tòrr ola cuideachd a lorg le BP ann an 1970 ann an Raon Forties agus le Shell ann an Raon Bhrent faisg air Sealtainn ann an 1971.

Cha thàinig ola gu tìr gus an robh pìoban nan àite agus na goireasan eile air tìr deiseil. Thàinig a' chiad ola às a' Chuan a Tuath gu Bàgh Chruden ann an Siorrachd Obar Dheathain ann an 1975. Ann an 1973-4 chuir OPEC prìs na h-ola suas gu mòr agus ged bha e cosgail ola thoirt às a' Chuan a Tuath bha prothaid ann.

Dh'fhàs an obair mòr agus bha 80 tobar air an tolladh. Bha gnìomhachasan eile a' cuideachadh le bhith a' dèanamh agus a' sealltainn às dèidh phìoban, reigachan, chlàran-ola, bhàtaichean-taice, phumpaichean agus chrain. Dh'fhàs obair na h-ola anns a' Chuan a Tuath agus b' i aon de na h-obraichean a b' fheàrr a rinn anns an 21mh linn. Tha teicneòlas a' gluasad air adhart fad na tìde anns a' ghnìomhachas.


  • Photograph of a North Sea oil platform

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.