Scotlands History

Albannaich Ùra

Is tric a chanar gur e daoine an rud as motha a tha Alba reic ri dùthchannan eile. Tha Albannaich air a dhol air feadh an t-saoghail airson tòiseachadh air beatha ùr. San 20mh agus san 21mh linn tha Albannaich Ùra air an dachaigh a dhèanamh ann an Alba – inn-imrichean às gach àite a dh'fhuireach, a dh'obair, a thogail chloinne agus oghaichean ann.

Tha daoine às an Aisia a' faighinn air adhart gu math ann an Alba. Bidh tachartasan mòra cultarach mar Melas Ghlaschu agus Dhùn Èidinn a' toirt àite do chultar, ealain, ceòl, dannsa agus biadh na h-Aisia. Bidh Fèis Hindu Dussehra air Cnoc Chalton a' tarraing nam mìltean gach bliadhna.

Thàinig a' Phòlainn a-steach dhan Aonadh Eòrpach ann an 2004 agus thàinig mòran de Phòlainnich òga a dh'fhuireach agus a dh'obair ann an Alba. Tha Oilthighean na h-Alba agus Fèis Dhùn Èidinn a' tarraing dhaoine às gach àite, le cuid a' fuireach.

Tha fireannaich, boireannaich agus clann a Astràilia, Afraga, an Caribean, agus Poblachd na Czech, Somaliia, an Spàinn, Ioran agus an Eadailt a' fuireach ann an Alba - agus an clann agus clann an cloinne.

Tha Albannaich Ùra air pàirt a ghabhail ann a bhith a' dèanamh Alba na dùthaich a tha beò agus eadar-mheasgte.


  • photograph of children playing

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.