English
Thòisich stailcean eadar 1972 agus 1974. Bha trioblaidean san econamaidh aig an àm agus dìth obrach. Anns a' Ghearran 1972 dhùin 12 stèiseann-cumhachd ann am Breatainn agus cha robh daoine ag obair ach trì latha san t-seachdain.
Stad seo às dèidh 20 latha de ghearraidhean ann an cumhachd. Às dèidh a' chogaidh eadar na h-Arabaich agus na h-Iosraelich ann an 1973 chaidh prìs na h-ola suas 70% agus anns an t-Samhain bha Breatainn ag ullachadh airson peatrail a chuibhreannachadh. Lean na mèinnearan orra chun na Dùbhlachd, agus chaidh bhòta stailc a chumail ann an 1974.
Aig an Taghadh Choitcheann ann an 1974 fhuair 11 de Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba dhan phàrlamaid. Sheall seo cho mì-thoilichte 's a bha daoine. Leis a' Phàrtaidh Làbarach air ais thug Harold Wilson do na mèinnearan am pàigheadh a bha iad ag iarraidh agus stad an stailc.
An ceann deich bliadhna chaidh iad air stailc a-rithist oir bha Bòrd a' Ghuail ag iarraidh faisg air 20 mèinn ‘neo-eaconomach’ a dhùnadh. Às dèidh 35 seachdainean air stailc, anns an t-Samhain 1986, chaidh na mèinnearan air ais agus stad Aonadh Nam Mèinnearan an stailc. Chaill bailtean mhèinnearan ann am Fiobha, Siorrachd Shruighlea agus Siorrachd Lannraig mòran de na mèinnichean agus le sin na prìomh àitean-obrach. Ann an 1985 bha 15.6% gun obair. An-diugh chan eil ach aon no dhà de mhèinnichean beaga prìobhaideach air an uachdar ann an Alba.
Leugh mu ghual agus mu eachdraidh a’ ghuail an Alba. Faigh a-mach tuilleadh mu fheum mar chonnadh taighe agus mar a bha e cudromach ann an leasachadh gnìomhachais.
Bha stailc nam mèinnearan 1984 na bhlàr fada aig an aonadh-ciùirde. Seall ri sgeulachd nam mèinnearan leis a' chriomag bhidio seo bho STV agus iad a' sabaid an aghaidh mholaidhean airson an gnìomhachas a dhùnadh.
An-diugh chan eil mèinnean domhainn ag obair an Alba. Thoir sùil air ais air na stailcean a bha nan comharr air toiseach-crìche mèinnearachd thionnsgalach a' ghuail leis an lèirmheas seo air naidheachdan nan tachartasan.
Find us on