Scotlands History

Boma Locarbaidh

Air 21 Dùbhlachd 1988 spreadh Pan Am Flight 103 os cionn Locarbaidh. Chaill an 257 duine a bha air bòrd am beatha agus 11 sa bhaile fhèin.

Bha Pan Am Flight 103 a' dol thairis air a' Chuan Shiar bho Heathrow ann an Lunnainn gu port-adhair eadar-nàiseanta John F Kennedy ann an New York. Bha i làn le fireannaich, boireannaich agus clann a' coimhead romhpa ris an Nollaig.

Chaidh boma a chur air bòrd os ìosal agus spreadh e nuair bha am pleuna os cionn Locarbaidh. Chaill a h-uile duine a bha a' siubhal agus an criutha am beatha. Bhuail pàirt den sgèith air Cearcall Sherwood, a' marbhadh 11 anns na taighean. Chaill 190 Ameireaganaich am beatha. Chaill daoine à 21 dùthaich am beatha.

Chaidh cuimhneachan fhoillseachadh gu h-oifigeil ann an Cladh Arlington air 3 Samhain 1985. Faisg air Locarbaidh, ann an Cladh Dryfesdale tha gàrradh-cuimhne agus clachan-cuimhne a' comharrachadh na chaill am beatha aig bomadh Locarbaidh.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh agus chaidh dithis à Libia a chur an grèim. Chaidh Abdelbaset Ali Mohmed Al Megrahi fhaighinn ciontach agus air 31 Faoilleach 2001 chaidh a chur dhan phrìosan airson a' chòrr de bheatha airson murt. Gu connspaideach, fhuair e a-mach anns an Lùnastal 2009. Chaidh truas a ghabhail ris air sgàth gu robh e le aillse 's nach robh dùil gum biodh e fada beò. Thill e gu Libia.


  • Image of the Crashed Pan Am aircraft at Lockerbie
  • Image of The Lockerbie Memorial

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.