Scotlands History

A' fàgail Hiort

Tha eileanan Hiort 110 mìle an iar air mòr-thìr na h-Alba. Anns an t-sreath eileannan tha Hiort, am prìomh eilean, agus na h-eileanan beaga, an Dùn, Soaigh, Bororaigh agus buidheann de stacan mhòra. Orra sin tha colonaidhean mòra de shùlairean agus de fhulmairean gan àrach.

Bha daoine air an eilean airson còrr air 2000 bliadhna. B' urrainn daoine a bhith beò air air sgàth gu robh an t-eilean ann an slighe Sruth a' Gulf. Cha robh daoine agus dòigh-beatha Hiort coltach ri tìr-mòr a thaobh dè bha cudromach no a thaobh chùisean airgid.

Dh'fhàg na daoine mu dheireadh ann an 1930 nuair a rinn nurs an eilein soilleir do na 36 Hiortaich mu dheireadh nach b' urrainn beatha dhol air adhart ann. Cha b' urrainn dhaibh am màl a phàigheadh dhan uachdran agus bha rudan mar dìth bhìdh agus droch shìde nan cunnart gach latha. Bha e na thrioblaid mar nach robh iad làidir airson sabaid an aghaidh thinneasan. Bhàsaich eileanach aois 21 bliadhna leis a' chaitheamh nuair bhathar ag ullachadh airson falbh bhon eilean.

Thug an riaghltas gu tìr-mòr iad air bàta. Dh'fhàg iad bìoball agus rud beag min-choirce anns na taighean a dh'fhàg iad. Dh'fhàg iad cuideachd a' mhòr-chuid den àirneis, de bhàtaichean agus stuth airson iasgach. Chaidh a'mhòr-chuid de na Hiortaich a dh'fhuireach ann an Earra Ghàidheal. Fhuair na fireannaich a b' òige obair coilltearachd, rud bha àraid oir cha robh iad a-riamh air craobh fhaicinn. 'S e Ionad Dualchais Na Cruinne tha ann an Hiort an-diugh airson adhbharan nàdarra, mara agus culturach.


 
  • Photograph of an abandoned stone house on St Kilda in Scotland's Outer Hebrides

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.