English
Rugadh Jimmy Reid, a tha mòran a' meas mar churaidh an luchd-obrach, ann am Baile Ghobhainn, Glaschu; bha mòran san teaghlach 's bha iad a' fulang gu mòr bho dhuilgheadasan dìth-obrach sna 1930an. Dh’fhàg e an sgoil aig 14 bliadhna a dh’aois airson a bhith na ghille-giùlain mus robh e na chlèireach aig buidheann ghnothaichean-stoc an Glaschu. Ron àm seo ghabh e ùidh mhòr ann am poilitigs agus sa ghluasad làborach a bha beòthail air Taobh Chluaidh. An ùine ghoirid chaidh e do Lìg nan Làborach Òga, agus thar nam bliadhnaichean bha eòlas eadar-nàiseanta air mar cheannard aonadh luchd-obrach. Bha a phearsantachd thaitneach agus a chomasan mar òraidiche ga dhèanamh aithnichte agus mòr-chòrdte.
Ach cha do shàsaich beachdan bunaiteach a' phàrtaidh Làboraich Reid glè fhada, agus chaidh e do Lìg nan Comunach Òga. Nuair bha e na phreantas innleadaireachd aig ‘Bristol Polar Engines’ am Baile Ghobhainn, thàinig e gu aire nan aonadh nàiseanta nuair dh’ullaich e stailc phreantasan ann an 1951. An ath bhliadhna bha Reid na Chathraiche Nàiseanta air Lìg nan Comunach Òga.
Nuair a bha Reid na fhear-uidheim aig Upper Clyde Shipbuilders (UCS) agus na chomhairliche ionadail am Bruach Chluaidh, thàinig aithisg làidir bhon riaghaltas Thòraidheach fo Ted Heath a' moladh gun deigheadh UCS a chur ma sgaoil 's gum biodh oibrichean gan call. Sa chùis thionnsgalach a lean, nochd Jimmy Reid mar cheannard air leth tarraingeach. Bha meas mòr air ‘in-obair’ agus bha Reid na neach poilitigeach ris am feumte èisteachd. B' fheudar do Heath gèilleadh mu dheireadh agus chaidh UCS a shaoradh airson grunn bhliadhnaichean agus fhuair iad òrdughan airson obair co-cheangailte ris an ola 's a' togail shoithichean cogaidh.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Ann an 1976 leig Reid seachad poilitigs chomunach agus bha e na ùghdar, na fhear-naidheachd 's na chraoladair. Chaidh a thaghadh mar Reactor air Oilthigh Ghlaschu ann an 1972, far na lìbhrig e òraid ainmeil an Reactoir. Bha e fhathast na fhear-amhairc seòlta agus geur air cùisean poilitigeach, cha b' ann a-mhàin an Alba ach air feadh an t-saoghail.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
San bhidio seo tha pàirt de òraid ainmeil Reactorail Jimmy Reid, a lìbhrig e do oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1972. Faodaidh tu an òraid air fad a shìos-luchdachadh mar PDF, a tha foillsichte an seo le cead choibhneil bho Archive Services, Oilthigh Ghlaschu. (Ann am Beurla).
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.

A learning and teaching resource focusing on trade unionist and writer Jimmy Reid, which explores how his life and work could be used as the basis for interdisciplinary learning.
Jimmy Reid brought the British Government's attention to the Scottish shipbuilding industry by organising a work-in of the Upper Clyde Shipbuilders in 1971.

Ro dheireadh nan 1950an bha na gàrraidhean-shoithichean thall-thairis a' togail bhàtaichean na bu shaoire na bhathar a’ togail ann an Alba. A thuilleadh air a bhith a’ faighinn airgead bhon riaghltas bha dòighean ùra aca airson a bhith togail nam bàtaichean agus dealbhachadh ùr.
Find us on