Scotlands History

Imrich Eadailteach

Bho na 1890an, thòisich Eadailtich a' tighinn a dh'Alba agus iad a' teiche bho ghoirt agus bhochdainn. Thòisich mòran ag obair a' reic ìomhaighean Chaitligich ann am bailtean Alba. Aig deireadh a' Chogaidh Mhòir bha coimhearsnachd mhòr de Eadailtich stèidhichte ann an Alba.

An àite bhith ann an aon ionad bha iad a' gluasad a-mach às a' bhaile mhòr agus a' fuireach air feadh Alba. Bha mòran a' cosnadh le bhith a’ reic rudan milis ri Albannaich, mar uachdar-reòite air cairtean, a' ruith rumannan-suidhe agus chafaidhean. Ann an 1906 thòisich Buidheann Stuamachd nam Ban Bhreatannach a' sabaid an aghaidh rumannan far am biodh uachdar-reòite ga reic air an t-Sàbaid ann an Alba. Bha luchd nam bùthan an Alba le eagal mu mar a bha na h-Eadailtich a' faighinn air adhart. Thòisich iad a' reic iasg agus sgealban, agus a' ruith àitean airson biadh agus ‘piotsas’.

Rè an Dara Cogaidh bha na h-Eadailtich gan cur dhan phrìosan agus dhachaigh. Bhàsaich ceudan dhiubh nuair chaidh am bàta aca an Arandora Star sìos le torpedo bho bhàta-U Gearmailteach air 2 Iuchar 1940.

Anns a' Chèitean 2008 chuir Àrd-easbaig Mario Conti agus Ailig Salmond air bhog Gàrradh Fois Eadailteach ri taobh Àrd-eaglais Naoimh Anndra ann an Glaschu. Thuirt an t-Àrd-easbaig gur e samhla bha anns a' ghàrradh air a' chàirdeas mhòr eadar Alba agus an Eadailt agus gun robh e mar chuimhneachan air na bha air an call air an Arandora. Thuirt Ailig Salmond gu bheil a' choimhearsnachd Eadailteach na snàthainn cho làidir agus soilleir ri tè sam bith ann am beatha na h-Alba. 

Tha mòran Albannaich-Eadailtich ainmeil ann mar Nicola Benedetti, Alexander Trocchi, Eduardo Paolozzi, Peter Capaldi, Ronni Ancona, Paolo Nutini, Ken Stott, Sharleen Spiten, Jack Vettriano, Dario Franchitti agus Lena Zavaroni.


  • Image of the front of an Italian Ice cream Shop, Edinburgh, 1907

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.