Scotlands History

Oidhche Shamhna

Sgrìobh Raibeart Burns bàrdachd air an robh Oidhche Shamhna a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1786. Tha e a' toirt dealbh dhuinn air fàistinneachd agus fiosachd ceangailte ri Oidhche Shamhna ann an Siorrachd Àir far na rugadh Burns. Sgrìobh Burns an dàn ainmeil Tam O' Shanter air sgàth cho dèidheil 's a bha e air sgeulachdan le taibhsichean agus bana-bhuidseachan. 

Thug Albannaich a rinn eilthireachd gu Ameireaga leotha an cleachdaidhean traidiseanta co-cheangailte ri Oidhche Shamhna. Chaidh àite mòr a thoirt dha Oidhche Shamhna ann an Ameireaga.

Às dèidh còrr air 120 bliadhna, tràth san 20mh linn, gheibheadh thu cairtean Samhna ann an Ameireaga le tartain na h-Alba, cluarain agus eadhon feadhainn de na cleachdaidhean co-cheangailte ri Oidhche Shamhna, mun do sgrìobh Burns na bhàrdachd.

Bha Albannaich a' dèanamh lanntairean le snèipean. Ann an Ameireaga 's e puimpcionan bha iad a' cleachdadh. Bha clann ann an Alba a' dol a-mach le aodach annasach a' dupadh airson ùbhlan agus a' goid gheatachan agus a' cluich chleasan le càl. Thòisich ‘trick or treat’ ann an Ameireaga.

Ghluais cùisean air adhart cho mòr agus thòisicheadh air puimpcionan agus aghaidhean-choimheach agus deiseachan—‘trick or treat’ - a reic an Alba. Tha Oidhche Shamhna mòr air gach taobh den Chuan Shiar ach chan eil fios aig mòran gun do thòisich an fhèis an Alba. Tha mìltean a' cuimhneachadh Oidhche Shamhna gach bliadhna ann an New York aig a' Choiseachd Shamhna anns an Ùbhal Mhòr agus aig an Fhèis Shamhna air a' Mhìle Rìoghail ann an Dùn Èideann.


 

  • Old black and white photo of a small girl in a white dress sitting very seriously beside a carved pumpkin lantern

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

An old illustration of a pumpkin lantern wearing a tartan tammy

Raibeart Burns agus Oidhche Shamhna

Fiosrachadh mu chleachdaidhean Oidhche Shamhna a thug Albannaich leotha gu dùthchanan eile.