English
An dèidh do chùisean a bhith cho math aig àm a' Chiadh Chogaidh, ann an 1920 dh’fhuiling na gnìomhachasan troma droch thuiteam eaconamach. Cha robh gu lèor sheòrsachan ghnìomhachasan ann an Alba agus mar a chaidh margaidhean sìos air feadh an t-saoghail chaidh na h-òrdughan sìos cuideachd.
Cha robh Alba air tòiseachadh air na sàr ghnìomhachasan ùra. Air sgàth sin bha luchd-obrach gam pàigheadh dheth, bha pàighidhean air an gearradh, uairean obrach a' dol suas. Ann an 1926 chaidh mèinnearan agus aonaidhean eile dhan Stailc Choitchinn air sgàth co-fharpais bhon Roinn Eòrpa far an robh gual na bu shaoire agus na mèinnichean ann am Breatainn gun teicneòlas ùr. An ceann sia mìosan thàinig air na mèinnearan gabhail ri iarrtasan nan daoine aig an robh iad ag obair.
Chaidh an gnothach na bu mhiosa nuair a thuit ‘Wall Street’ ann an 1929. Ro 1932 bha an treas cuid de dhaoine gun obair anns an dùthaich agus anns na h-àitean bu mhiosa le dìth obrach bha slàinte agus taighean na bu mhiosa.
Ann an 1931 ann an Alba bha an àireamh-sluaigh a' dol sìos agus chaill am Pàrtaidh Làbarach gu dona aig an Taghadh Choitcheann. Chuir Ramsaidh MacDhòmhaill ri chèile riaghaltas co-bhanntachd èigeannach. Do mhìltean cha robh dòigh eile air a bhith beò ach a dhol sìos deas an dòchas gu robh cothroman obrach na b' fheàrr an sin no dhol a-null-thairis mar a rinn ginealaich cheana, gu na Stàitean Aonaichte, Canada no Astràilia.
Bha Taisbeanadh Ìompaireachd Ghlaschu air a dhèanamh airson sealltainn cho math 's a b' urrainn Alba dèanamh. Dhùisg e dòchas ach cha do dh'èirich Alba a-mach às an tuiteam mhòr gus an tàinig cogadh eile.
Find us on