Scotlands History

Inn-imrich Shasannach

Bho chionn ceudan de bhliadhnaichean tha mòran de dhaoine a rugadh ann an Sasainn air a bhith a' tighinn a dh'fhuireach ann an Alba. Bho na 1920an 's e Sasannaich am buidheann as motha tha air a bhith tighinn a dh'fhuireach ann an Alba, ach cha tug luchd-eachdraidh mòran aire dha seo.

Anns an leabhar ‘Being English in Scotland’ tha Murray MacBhatair ag ràdh gu bheil Sasannaich a' tighinn a dh'Alba air faireachdainnean lasanta is mì-reusanta a dhùsgadh. Anns na 1980an thòisich daoine a' cleachdadh nam facal ‘Tuinichearan Geala’ (‘White Settlers’). B' iad sin luchd-imrich a rugadh ann an Sasainn 's a ghluais às a' bhaile mhòr gu àitean iomallach air an tuath, glè thric air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. 'S e fìrinn na cùise gun deach a' chuid bu mhotha de na Sasannaich sin a dh'fhuireach anns na bailtean ann am meadhan Alba.

Tha gu leòr de nòs-bhriathran agus de sgeulachdan ann mu dhèidhinn dhaoine thàinig à Sasainn gu Alba. Bidh daoine a' tighinn tuath gu Alba airson iomadh adhbhar agus bu chòir cuimhne a chumail air gu bheil Cunntas Sluaigh 2001 ag innse gu bheil a dhà uimhir de Albannaich a' fuireach ann an Sasainn agus a tha de Shasannaich a' fuireach ann an Alba. Ann an 2001 rugadh 8.1% de shluagh na h-Alba ann an Sasainn.


  • word Scotland engraved on stone

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.