Scotlands History

Elsie Inglis (1864-1917)

'S i dotair Albannach bha ann an Elsie Inglis. 'S i sufrateat a bha innte cuideachd. Bha i ag obair airson Ospadalan Bhan Albannach a chur air adhart.

Rugadh i ann an Naini Tal anns na h-Innseachan. Bha a h-athair ag obair dhan t-Seirbheis Chatharra an sin. An ceann ùine thàinig an teaghlach aice air ais a dh'Alba agus bha Elsie ag ionnsachadh a bhith na dotair aig Sgoil Mheidigeach Bhan Dhùn Èidinn. 'S i an dotair Sophia Jex-Blake a dh'fhosgail an sgoil.

Fhuair i teisteanas bhon Cholaiste Rìoghail Dhotairean agus Lannsairean an Dùn Èideann agus bho Roinn Dhotairean agus Lannsairean Ghlaschu. Ann an 1894 dh'fhosgail i An Hospais, far am biodh clann nan daoine bochda an Dùn Èideann air am breith. Bha i cuideachd na sufrateat gu math dìcheallach.

An toiseach nuair a thuirt Elsie gum bu chòir sgiobaidhean de bhoireannaich a bha nan dotairean agus nursaichean a dhol gun Aghaidh Shiar anns a' Chiad Chogadh fhreagair Oifis a' Chogaidh mar seo, ‘A bhoireannaich chòir, falbh dhachaigh agus suidh aig fois.’

Cha do stad sin i. Chruinnich Elsie na mìltean de notaichean agus rinn i obair airson Ospadalan Bhan Albannach a thòiseachadh. Bha seo a' toirt aonadan mheidigeach, le boireannaich gan ruith anns an Fhraing, san Ruis, an Corsica, an Romania, agus an Serbia. Chaochail i le aillse ann an 1917 agus tha i air a tiodhlacadh ann an Cladh Dean ann an Dùn Èideann.


  • Cardboard collecting box for the Scottish Women's Hospitals, World War I

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.