Scotlands History

Dolaidh a' Chaora

Sa Ghearran 1997 thuirt luchd-saidheans ann an Ionad Roslin faisg air Dùn Èideann gu robh iad air caora a chlònadh. B' e Dolaidh a' chiad mhamal bha air a clònadh bho chealla a thugadh bho inbheach.

Bha Dolaidh a' chaora ainmeil air ball. Bha i air na naidheachdan air feadh an t-saoghail. Bha luchd-naidheachd agus criuthan telebhisein às gach àite ag iarraidh film a dhèanamh dhith mar a bha i beò bho latha gu latha. Bha i coltach ri caora Finnish Dorset sam bith eile, ach gun teagamh ’s e bha seo ach saidheans a' gluasad air adhart.

Gu ginteal 's e mac-samhail de chaora eile bha innte. Rugadh i air 5 Iuchar 1996. Choisinn an Dotair Iain Wilmut, eòlaiche-embrio, an OBE agus rinneadh ridire dheth. Thuirt Wilmut gur e Keith H S Caimbeul, a bha ag obair còmhla ris, bu chòir bhith air a mholadh airson cho math 's a rinn an sgioba.

Bha Dolaidh beò airson sìa bliadhna agus bha uain aice air an robh Bonnie, Salaidh, Rosaidh, Lusaidh, Darsaidh agus Cotan. Thàinig tinneas sgamhain oirre a bha a’ sìor fhàs na bu mhiosa agus chaidh crìoch a chur air a beatha ann an 2003. An-diugh chì thu Dolaidh a' Chaora ann an Taigh Tasgaidh Nàiseanta Na h-Alba.

Fhuair i cliù mar ‘a' chaora as ainmeile air an t-saoghal’.


  • An image of Dolly the Sheep

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.