English
Às dèidh an Dara Cogaidh chaidh cumhachd Bhreatainn sìos gu mòr gu h-eadar-nàiseanta agus aig an dearbh àm leudaich nàiseantachd ann an Alba. Às dèidh 1945 bha e na bu shoilleire gu feumadh sgapadh a thighinn air falbh bhon mheadhan ann an riaghladh agus cuideachd ann an structuran gnìomhachais agus malairt.
Ann an Alba bheothaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba le fo-thaghadh a bhuannachadh airson ùine ghoirid ann an 1945. Thàinig cùisean air adhart gu math anns na 1970an. Bha beachd-sluaigh ann ann an 1979 mu fhèin-riaghladh a bha connspaideach agus a dhùisg a' chùis. Bha an dà phàrtaidh mhòr aig Westminster an dara cuid, a' cur sgaoileadh-cumhachd a-mach às an smaointean no bha iad gun bheachd làidir idir. Ach mu dheireadh thuirt Iain Mac a' Ghobhainn, Ball-pàrlamaid Lannraig a Tuath agus an ceannard a bha air na Làbaraich gu robh iarrtas soilleir aig sluagh na h-Alba airson Pàrlamaid Albannach. Ann an Taghadh 1997 bhuannaich na Làbaraich gu math agus chaill na Tòraidhean gu dona an Alba. Thàinig seo gu beachd-sluaigh mu sgaoileadh-cumhachd agus bha bhòt làidir ann air a shon.
Choinnich Pàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair air 12 Cèitean 1999. Chaidh a fosgladh gu h-oifigeil air 1 Iuchair.
Faisg air trì linntean às dèidh Aonadh 1707 bha Alba toilichte a Pàrlamaid fhaicinn fosgailt a-rithist. 'S e cuairt eachdraidheil a rinn a' Bhanrigh airson an t-seirbheis oifigeil a fhrithealadh airson sgaoileadh-cumhachd a thòiseachadh. Bha caibdeal ùr làidir air tòiseachadh ann an eachdraidh Alba.
Prògram Cuimhneachain Fosgladh Holyrood, 2004
Air Disathairne 9 Dàmhair 2004 chaidh Taigh Pàrlamaid Alba aig Holyrood ann an Dùn Èideann fhosgladh gu foirmeil.
Bha an seinneadair Eddi Reader, Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba, Seinneadairean-shailm Leòdhais, Còisir Òigridh Nàiseanta Alba agus a’ bhana-fhìdhlear Nicola Benedetti, a' gabhail pàirt aig an t-seirbheis-fhosglaidh. Leugh a' bhana-bhàrd agus an sgrìobhaiche Liz Lochhead ‘Open The Doors1’, pìos bàrdachd air a sgrìobhadh le Edwin Morgan, bàrd na h-Alba, (Am Bàrd-cùirte) airson an fhosglaidh.
Faic pairèid phìobairean agus èist ri òraid na Banrigh leis a' bhidio seo bho STV nuair tha Pàrlamaid ùr na h-Alba ga fosgladh gu h-oifigeil.
Seall ri Pàrlamaid na h-Alba ag obair le na tasglannan film TBh aig Holyrood.
Ath-nuadhaich ciad làithean Pàrlamaid na h-Alba. Lorg fiosrachadh mun chiad choinneamh, mun t-seirbheis fosglaidh agus mun t-subhachas fosglaidh.
Leugh mu shlighe na h-Alba gu fèin-riaghladh, bho bharail-sluaigh 1979 gu na ciad thaghaidhean Pàrlamaid ann an 1999.
Find us on