English
Tha mar a tha sìde ag atharrachadh a' togail cheistean doirbh, tha na teicneòlasan uaine agus planaichean airson seasmachd a' cumail smachd air na tha daoine a’ dèanamh de mhilleadh air an t-saoghal. Tha seo cuideachd a' cur air adhart rudan a tha seasmhach.
Ann an Alba faodaidh tu gluasad gu prìsean uaine, do dhealan fhèin a dhèanamh, càr ‘hybrid’ a chleachdadh, falbh le scutar air a ghluasad le bataraidh litium, coiseachd no dhol air baidhsagal. Tha daoine a' dèanamh mar as urrainn dhaibh gus nach mill iad an Talamh.
Air Eilean Ghigha, a tha leis na daoine, tha trì muilnean-gaoithe (na boireannaich a' dannsa) le 225kw, a' dèanamh barrachd de dhealan na na dh’fheumas an t-eilean. Tha chòrr ga reic ris a' Ghrid Nàiseanta.
Tha dàmaichean-dealain mar Stèisean Cumhachd Bhaile Chloichrigh agus Stèisean Cumhachd Chruachain air a bhith a' dèanamh dealan fad dheichean de bhliadhnaichean.
Tha Alba air thoiseach le teicneòlas airson cumhachd nan tonn le Nathair Mara aig Ionad Cumhachd Mhara Eòrpach ann an Arcaibh. Anns na làithean air thoiseach 's e sin an tuathanas thonn as motha bhios air an t-saoghal le ceithir innealan air an uachdar a thionndaidheas gluasad nan tonn gu dealan.
Tha na teicneòlasan uaine nam pàirt den atharrachadh a tha a' tighinn ann an cumhachd ath-nuadhachaidh.
Find us on