Scotlands History

Alasdair Fleming (1881-1955)

'S ann à Inbhir Àir a bha Fleming. Bha e ag ionnsachadh ann an Acadamiadh Chill Mhèarnaig agus ann an Ospadal Naomh Mhoire ann am Paddington, far an tug e a-mach a bhith na lannsair ann an 1906.

Anns a' Chiad Chogadh bha e na chaiptean anns an Arm Mheidigeach agus fhuair e cothrom gu leòr an sin air tuigsinn nach dèanadh loit-leigheasan ach beagan feum airson droch lotan. Eadhon ron chogadh, 's e eòlas bacteria bu mhotha a bha e a' rannsachadh agus às dèidh a' chogaidh thill e don ionad-rannsachaidh aige.

Lorg Fleming penisilean ann an 1928 agus thòisich e a' lorg mar a dhèanadh e feum mar antibiotaic. Bhiodh 15 bliadhna eile ann mus biodh peinisilean air a dhèanamh airson a reic. Fhuair e urram mar Ridire ann an 1944, agus airson gun d' fhuair e air adhart cho math fhuair e Duais Nobel Eòlas Lèighis ann an 1945 còmhla ris an dithis a thug an obair aige air adhart, Howard Florey agus Ernst Chain.

'S e duine socharach agus iriosal a bha ann am Fleming agus thuirt e - 'cha do lorg mise peinisilean. Rinn nàdar sin. 'S ann a lorg mise e gun fhios'.

Cha do chùm e ainm fhèin air na lorg e oir bha e airson gu faigheadh a h-uile duine buannachd às.


  • Black and white photograph of Alexander Flemming

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.