English
Anns na 1990an rinn sreath de fhilmichean ùra Alba ainmeil air feadh an t-saoghail.
Ann an 1995 chluich Mel Gibson pàirt Uilleam Uallais ann am ‘Braveheart’. 'S e Gibson cuideachd a rinn agus a stiùir an fhilm a choisinn còig Oscaran. Fhuair e duais na h-Acadamaidh airson na fhilm a b' fheàrr. Chaidh pìosan fhilmeadh aig Gleann Comhainn agus Gleann Nibheis. 'S e Pàdraig MacGoohan, a bha ainmeil airson ‘The Prisoner’, sreath phrògraman telebhisein, a chluich pàirt Rìgh Eideard I. Ged a chaidh a chàineadh gu mòr airson gu robh mearachdan anns an eachdraidh rinn an fhilm airgead mòr.
A' bhliadhna sin fhèin bha ‘Rob Roy’, le Michael Caton Jones ri fhaicinn anns na taighean-dhealbh. Bha na prìomh phàirtean aig Liam Neeson, Jessica Lange, Tim Roth agus Brian Cox.
Bliadhna às dèidh sin bha ‘Trainspotting’, a stiùir Danny Boyle, a' sealltainn rudan eagalach ann an Alba. Dh'èirich an fhilm a-mach às an nobhail ainmeil a sgrìobh Irvine Welsh mu dhaoine ri heroin ann an Dùn Èideann. Bha pàirtean aig Eoghann MacGriogair, Raibeart Carlyle, Kelly NicDhòmhaill, Eoghann Bremner, Jonny Lee Miller agus Kevin MacKidd ann. Rinn e buaireadh agus chaidh a chàineadh airson a bhith a' dèanamh dhrogaichean agus heroin tarraingeach.
Bha Peadar Mullan ann am ‘Braveheart’ agus ‘Trainspotting’. Ann an 1998 bha e ann an ‘My Name Is Joe’ le Coinneach Loach. Choisinn Mullan duais airson Sàr Actair aig Fèis Fhilm Channes, airson pàirt Joe, fear à Glaschu a sguir den deoch agus a bha gun obair, a bha a' tuiteam fo bhuaidh gaoil. 'S e Coinneach Loach cuideachd a stiùir ‘Carla's Song’ le Raibeart Carlyle na dhràibhear-bus Albannach.
Ann an 1997 nochd a' chiad nobhail aig J K Rowling, ‘Harry Potter And The Philosopher's Stone’. Sgrìobh Rowling a' chiad sgeulachd mu Harry aig ‘Hogwarts’ eadar chofaidhean ann an cafaidhean Dhùn Èidinn mar ‘Elephant House’ air Drochaid Sheòrais IV.
Dh'fhosgail Taigh Tasgaidh Alba an Dùn Èideann ann an 1998. Chruinnich an taigh-tasgaidh mòran de na nithean eachdraidheil a b' fheàrr an Alba mar Fir Tàilisg Leòdhais agus Monymusk Reliquary. Anns an roinn A' Chiad Dhaoine, tha obair-ealain le Sir Eduardo Paolozzi agus Andy Goldsworthy.
Anns na 1990an bha daoine a' danns ri Shamen agus nochd ‘Screamadelica’ bho Primal Scream. Bha ceòl ‘Indie’ beò agus a-mach à sin dh'èirich Belle agus Sebastian, Teenage Fanclub agus Travis, a reic an clàr ‘Why Does It Always Rain On Me’ air feadh an t-saoghail.
Rinn Wet Wet Wet gu math le òran nan ‘Troggs’ - ‘Love Is All Around Me’ a bha san fhilm ‘Four Weddings And A Funeral’.
Ann an 1997 nochd an fhilm ‘Mrs Brown’. B' e seo an sgeulachd mun chàirdeas eadar Banrigh Bhictòria agus Iain Donn an seirbhiseach Gàidhealach aice. Chaidh an fhilm le Judi Dench agus Uilleam Connolly a dhèanamh anns na Crìochan agus ann am Bàideanach.
Find us on