English
Anns na 1960an bha òigridh na h-Alba ag èisteachd ri na Beatles, na Rolling Stones, Lulu, agus seinneadairean agus luchd-ciùil san dùsgadh a ghabh àite ann an Ceòl Dùthchail na h-Alba, mar na Corries, Sìne Redpath, Aly Bain, Phil Coineagan, Dick Gaughan agus na Macalmans. Bha Billy Connolly còmhla ri Tomas Harvey anns na Humblebums.
Bha Alba air an sgàilean mhòr ann am film Walt Disney ‘Greyfriars Bobby’ agus san fhilm ‘Ring of Bright Water’ bhon leabhar aig Gavin Maxwell. Fhuair Magaidh Nic a' Ghobhainn Oscar mar a' bhan-chleasaiche a b' fheàrr ann ’The Prime of Miss Jean Brodie’ bhon nobhail aig Muriel Spark. Dh'fhàs Sean Connery ainmeil mar 007 - Seumas Bond aig Iain Fleming.
Bho 1962 gu 1971 bha am baile meanmnach Albannach Tannochbrae a' tighinn beò air a' BhBC ann an ‘Dr Finlay's Casebook’. Chruinnich Albannaich timcheall air an telebhisean ach a faiceadh iad daoine a' laighe a' ghealaich ann an 1969.
Bha bàtaichean-aigeil Polairis suidhichte air an Loch Naomh air Linne Chluaidh. Bha a' chiad stèiseannan-cumhachd niuclasach air an togail an Alba. Chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe fhosgladh agus bha obair na h-ola a’ fàs anns a' Chuan a Tuath.
Thàinig airgead deicheach anns na 1970an còmhla ri Space Invaders, innealan ‘arcade’, Sony Walkman agus ‘Star Wars’. 'S e an cleasaiche Albannach Denis Lawson (bràthair athair Eoghainn MhicGriogair) a chluich pàirt Wedge anns a' chiad trì Star Wars. Chuir Eideard Woodward aghaidh ri ‘The Wickerman’ agus chaidh a' mhòr-chuid de ‘Monty Python and the Holy Grail’ fhilmeadh ann an Alba le seallaidhean à Gleann Comhainn, Mòinteach Rainich agus Caisteal an Dùin.
'S e Muile Chinntìr le còmhlan Phòil MhicArtnaidh, Wings agus pìobairean còmhlan pìobaireachd Ceann Loch Chilel Chiarain a' chiad òran a reic còrr air dà mhillean ann am Breatainn. 'S e an sgrìobhaiche agus am fear-ealain Albannach Iain Byrne a sgrìobh ‘The Slab Boys’ agus bha na cleasaichean 7.84 a' siubhal bho àite gu àite le ‘The Cheviot, The Stag and The Black, Black Oil’ a sgrìobh Iain MacGrath.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Seall ris a' chriomag bhidio seo bho 'BBC Learning Zone' mu Alba sna 1960an. Rannsaich carson a bha na gnìomhachasan traidiseanta a' fàiligeadh, dìth-obrach a' leudachadh agus buaidh sin air poilitigs na h-Alba.
Anns na 1960an thòisich gnìomhachasan ùra an Alba. Seall ris a' chriomag ghoirid seo mu fhactaraidh chàraichean Linwood agus a' chiad dhèanamh den 'Hillman Imp' bhochd.
Stiùireadh spòrsail bhon BhBC mu dheichead nan sgiortaichean goirid agus mu chumhachd nam flùraichean. Feuch d' eòlas mu na 1960an len ceisteachan barraichte.
Faigh a-mach mu Alba sna 1960an còmhla ri Ham, fear-tionail eadar-rionnagach a' BhBC. Le stòr-dàta eadar-oibre le dealbhan, criomagan bhidio agus agallamhan clàistinn mu chaochladh chuspairean.
Leugh an sgeulachd bhreisleach mu nuair a thadhail Elvis Presley, a bha mòr-chòrdte sna 1960an, air port-adhair Phrestwick an dèidh seirbheis chogail 's a thachair e ri ceudan de eudmhoraichean a bha a' sgreuchail.
Criomag ghoirid ag innse mu Phròiseact Leasachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean sna 1960an agus gluasad luchd-obrach is theaghlaichean bho bhailtean mòra am meadhan na dùthcha gu bailtean agus gnìomhachasan ùra.
Find us on