Mar Cheannard Ionnsachadh agus Teagasg Alba, tha mi glè thoilichte ar Plana Gàidhlig fhoillseachadh, a tha air a thoirt gu buil fo riaghailtean Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air an 20mh den Dàmhair 2009.
Tha mi làn chinnteach gu bheil ar Plana a’ mìneachadh gu soilleir mar a bhios Ionnsachadh agus Teagasg Alba (LTS) a’ cleachdadh agus a’ cur taic ri cleachdadh na Gàidhlig ann an liubhairt ar seirbheisean, agus ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus prìomh chom-pàirtichean agus luchd-ùidh eile. Tha am Plana Gàidhlig a’ toirt cunntas cuideachd air na ceumannan a tha sinn air a ghabhail agus a tha sinn a’ cur an àite gus tuilleadh taic a chur ri adhartachadh na Gàidhlig ann am foghlam air feadh Alba. Tha am Plana a’ dèanamh iomradh air ar dealas a thaobh a bhith a’ togail inbhe na Gàidhlig, ag adhartachadh a cleachdadh agus a’ brosnachadh ionnsachadh na Gàidhlig.
Tha sinn a’ tuigsinn an cuideachadh deatamach agus gun choimeas a tha Gàidhlig a’ toirt don bheatha chultarach shaidhbhir agus eadar-mheasgte a tha againn ann an Alba, agus le taic bho Riaghaltas na h-Alba agus ar com-pàirtichean nàiseanta bidh sinn a’ coimhead ri pàirt chudromach a ghabhail ann an neartachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.
Tha mi an dòchas gun cuir ar Plana Gàidhlig tuilleadh taic ris na h-amasan sin.
Bearnard Mac Giolla Arraith
Ceannard
Ionnsachadh agus Teagasg Alba
Find us on