Leis an Airgead

An aghaidh aig an leabhar Leis an Airgead

Bheir na ceithir stòraidhean seo barail eile dhut air airgead. Chaidh an sgrìobhadh le ceathrar de na h-ùghdaran cloinne as ainmeile ann an Alba agus tha iad a' sealltainn ciamar as urrainn dhut airgead a chleachdadh ann an dòighean spòrsail agus feumail.

Geallaidh mi gun toir iad ort gàireachdainn, agus smaoineachadh, agus gum bi beachd eile agad mu dheidhinn airgead.

Sìos am Pana

Ciamar air an talamh a tha Mgr Mac a' Choisich a' smaoineachadh a tha Clas a Sia a' dol a thogail airgead airson sgoil ann an Afraga 's gun aca ach toidhleat? 

Airgead Èibhinn le Alison Prince

An urrainn do Shannon agus a seanmhair saor-làithean spòrsail a bhi aca gun cus airgid a chosg?

Teàrlaidh Cuileag agus am Bruadar Blasta le Nicola Morgan

An dèan Teàrlaidh agus Cuileag a' chùis gu bràth mar luchd-sgrùdaidh prìobhaideach?

Càraid is Caran le Jonathan Meres

Leugh mu dheidhinn na càraidean Calum agus Ruaraidh agus na diofar dhòighean anns an cleachd iad an airgead-pòca.