Mu Stòras na Gàidhlig

test

A cur taic ri Gàidhlig

An taobh a-staigh a’ Phrògraim-taic Chuimsichte, tha obair LTS co-cheangailte ri Gàidhlig cuimsichte air prìomhachas Riaghaltas na h-Alba a thaobh adhartachadh a’ chànain ‘s a’ chultair agus a’ meudachadh na h-àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig. A’ cleachdadh mhodhan air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh airson taic, tha LTS a’ solarachadh ghoireasan CPD agus eisimpleirean de dheagh chleachdadh.

Gheibh sibh fiosrachadh, ceanglaichean, goireasan agus innealan-taic a tha freagarrach do luchd-gnìomh agus eile a tha ag obair ann am Foghlam Gàidhlig. Tha an làrach-lìn air a roinn na thrì earrannan eadar-dhealaichte:

  • Am Plana Gàidhlig
  • Goireasan
  • Innealan-taic

Bidh fiosrachadh ri fhaighinn gu cunbhalach a thaobh buileachadh a’ Phlana Gàidhlig.

Tha a h-uile ceangal agus goireas a tha air Stòras na Gàidhlig air an dearbhadh mar sàr eisimpleirean a tha toirt taic do bhuileachadh Curraicealam airson Sàr Mhathais. Tha eisimpleirean teagaisg rim faighinn ann an Ionnsachadh agus Measadh fo raointean àraidh sa churraicealam.

A bharrachd air an sin, tha innealan-taic a bheir cuideachadh do luchd-gnìomh agus luchd-ionnsachaidh a thaobh gràmar, briathrachas agus eadar-theangachadh cuideachd rim faighinn air Stòras na Gàidhlig.