Gheibhear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an 63 bun-sgoil (seisean 2008-09), a’ gabhail a-steach nan Sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu is Inbhir Nis. Tha cuideachd fàs a’ tighinn air a’ Ghàidhlig aig ìre sgoil-àraich, àrd-sgoiltean is colaistean.
Ma tha sibh airson ur clann oideachadh tron Gàidhlig, cuiribh fios chun ùghdarras foghlaim agaibh.
Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mar a h-uile solar foghlaim eile ann an Alba, air a sholar a rèir an iarrtais a tha ann airson an t-seirbheis is tha seo air a chothromachadh a rèir comais gach aonad foghlaim bho thaobh an fhoghlaim agus an eaconamaidh.
Stèidhich Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 buidheann reachdail, Bòrd na Gàidhlig, le dleastanasan a thaobh a bhith a’ brosnachadh cleachdadh is tuigse na Gàidhlig, cultar na Gàidhlig is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Faodaidh sibh post-dealain a chur no sgrìobhadh chun Bhòrd aig - Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA.
Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig na bhuidhinn maoinichte leis an Riaghaltas a bhios a’ solar leabhraichean, stòrasan, taic is comhairle mun churraicealam do sgoilearan agus tidsearan Gàidhlig. Tha làrach-lìn aca a tha ag amas air blas dhan Ghàidhlig a thoirt do phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no daoine aig a bheil ùidh ann an sgoiltean far a bheilear a’ bruidhinn Gàidhlig.
’S e lìonra phàrantan a tha ann an Comann nam Pàrant a bheir dhuibh an comas a dhol an lùib phàrantan eile le Gàidhlig ann an roinnean eadar-dhealaichte air feadh Alba.
Find us on