
Tha ionnsachadh air cànain eile a' toirt comas do chloinn agus do dhaoine òga ceanglaichean a dhèanamh le diofar dhaoine agus le an cultar, agus pàirt nas motha a choileanadh mar shaoranaich chruinneil. Le comhairle agus taic air a chuimseachadh gu h-iomchaidh, faodar mì-thuigse mu na buannachdan ann an ionnsachadh na Gàidhlig agus cosnadh seasmhach ann an àrainneachd Ghàidhlig, a cheasnachadh.
Building the Curriculum 1Learning through the languages area of the curriculum enables children and young people to:
- develop their ability to communicate their thoughts and feelings and respond to those of other people
- develop the high level of skills in listening, talking, reading and writing which are essential for learning, work and life
- use different media effectively for learning and communication
- develop a secure understanding of how language works, and use language well to communicate ideas and information in English and other languages
- exercise their intellectual curiosity by questioning and developing their understanding, and use creative and critical thinking to synthesise ideas and arguments
- enhance their enjoyment and their understanding of their own and other cultures through literature and other forms of language
- develop competence in different languages so that they can understand and communicate including, for some, in work settings.
Tha e deatamach conaltradh ri fastaichean oir tha seo a' toirt cead do chloinn agus do dhaoine òga ceangal a dhèanamh le daoine ann an dreuchdan Gàidhlig agus rannsachadh a dhèanamh air na sgilean agus na teisteanasan a tha a dhìth.
Tha co-dhùnaidhean èifeachdach mun àm ri teachd a' tighinn bho bhith ag ionnsachadh mud dheidhinn fhèin agus mun t-saoghal mun cuairt ort bho aois òg. Ann an co-theacsa Gàidhlig, tha e cudromach gu bheil clann mothachail air na buannachdan co-cheangailte ri bhith a' labhairt na Gàidhlig agus a bhith mothachail air an adhbhar a bu chòir dhaibh leantainn air adhart ag ionnsachadh agus a' cleachdadh a' chànain. Faodaidh togail air buannachdan dà-chànanais do FTG agus Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ùidh ann an ionnsachadh cànain a spreagadh, agus barrachd chothroman fhosgladh a-mach san àm ri teachd. Mar a bhios àiteachan obrach a' fàs nas eadar-nàiseanta, tha feum air muinntir dà-chànanach ann am mòran ghnìomhachasan.
Tha rannsachadh a' sealltainn gu bheil daoine dà-chànanach ga fhaighinn nas fhasa treas cànan ionnsachadh, na tha e do dhaoine le aon chànan dara cànan ionnsachadh. Faodaidh a bhith dà-chànanach no le sgilean gus cànan eile ionnsachadh, a bhith thar luach aig àm taghadh dreuchd-beatha. Tha mòran chothroman cosnaidh ann do chloinn a tha air a dhol tro foghlam tro meadhan na Gàidhlig no a tha ann am foghlam tron Bheurla ach ag ionnsachadh Gàidhlig mar chànan a bharrachd – luchd-ionnsachaidh Gàidhlig.
Tha e glè chudromach daingneachadh gun urrainn do chloinn nach eil fileanta sa Ghàidhlig an sgilean cànain a leasachadh agus cosnadh a lorg a bhios freagarrach do na sgilean sin. Tha cothroman ann adhartas a dhèanamh le ionnsachadh cànain, a' leantainn air adhart gu fileantachd sa Ghàidhlig agus tuilleadh chothroman cosnaidh. Leanaidh cuid de dhaoine òga le foghlam tron Ghàidhlig tro an oideachadh san àrd-sgoil, dh’fhaodadh nach lean feadhainn eile orra ag ionnsachadh Gàidhlig agus dh’fhaodadh gum bi feadhainn eile ag ionnsachadh Gàidhlig tro Ghàidhlig do luchd-ionnsachaidh. Tha diofar shlighean ionnsachaidh rim faotainn do dhaoine òga, leis am bu mhath leantainn air adhart ag ionnsachadh na Gàidhlig às dèidh an sgoil fhàgail.
Tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, air 5 bhidiothan goirid a thoirt gu buil mu chothroman cosnaidh a tha rim faotainn le luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha na bhidiothan sin a' toirt seachad fiosrachadh mu na sgilean agus an ìre de chànan agus litearrachd sa Ghàidhlig a tha riatanach airson obair ann an 5 raointean sònraichte.
Tha na bhidiothan a' cuimseachadh air:
Tha foghlam dreuchd an sàs ann an spreagadh chloinne agus dhaoine òga mun t-saoghal obrach, gan cuideachadh le ceanglaichean a dhèanamh eadar ionnsachadh agus obair, agus gan uidheamachadh leis an eòlas airson co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh aig gach ìre den cuid ionnsachaidh mun àm ri teachd.
Building the Curriculum 4 Skills for learning, skills for life and skills for workProviding individuals with skills helps each individual to fulfill their social and intellectual potential and benefits the wider Scottish economy.
Tha na cosnaichean san agallamh air na bhidiothan ag innse mu an obair làitheil agus nan cothroman dreuchd-beatha a tha rim faotainn san raon aca fhèin. Tha fiosrachadh air a sholarachadh a tha a' còmhdach raon de chothroman obrach Gàidhlig.
Find us on